Geàrr-liostaichean airson nan Duaisean Gàidhlig

Duais airson Taic do dh'Ionnsachadh

Tha an duais seo a' toirt aithne do na h-oidhirpean as fheàrr a rinn neach no buidheann gus ionnsachadh na Gàidhlig a thoirt air adhart.

Thèid innse cò bhuannaich an duais seo air an oidhche.


An Duais Ealain is Chultarach

Le taic bho Alba Chruthachail

An duais airson na h-obrach as fheàrr a rinneadh a thaobh cultar na Gàidhlig ann an 2017/18.

  • Catrìona Black
  • Ceòl 's Craic
  • Theatre Gu Leòr

An Duais airson Tachartas

Airson an tachartais as fheàrr a tha a' cur na Gàidhlig air adhart no a tha a' toirt taic don Ghàidhlig ann an Alba.

  • Aisling Oidhche Meadhan Samhraidh
  • Ceangal Choluim Chille
  • Nicola NicNeacail, Taisbeanadh Gàidhlig ann an Siorrachd Àir a Deas

An Duais Coimhearsnachd, Dualchais is Turasachd

Le taic bho Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean

Airson an neach, na buidhne, na coimhearsnachd no na sgoile as motha a chuir a' Ghàidhlig gu feum sa choimhearsnachd aca agus iad a' toirt an dualchais am follais no a' cur na Gàidhlig air adhart an lùib turasachd ann an 2017/18.

  • Ceòlas Uibhist
  • Caoimhin Rodgers
  • Comann Eachdraidh na h-Oige Uibhist

Sàr Dhuais na Gàidhlig

Le taic bho Bòrd na Gàidhlig

Duais do neach fa leth no buidheann a tha air feum mòr a dhèanamh a thaobh leasachadh is adhartachadh na Gàidhlig.

Thèid innse cò bhuannaich an duais seo air an oidhche.


An Duais Eadar-nàiseanta

Le taic bho MG Alba

Airson an duine, an tachartais no na buidhne as fheàrr a chuireas Gàidhlig air adhart taobh a-muigh na h-Alba.

Thèid innse cò bhuannaich an duais seo air an oidhche.


An Duais Spòrs

Airson nan oidhirpean as fheàrr a rinn luchd-spòrs na Gàidhlig, a' gabhail a-steach daoine a nì spòrs, luchd-aithris spòrs agus luchd-leantainn.

  • Calum Fearghasdan & Donaidh Foirbeis
  • Iomain Cholmcille
  • Spòrs Gàidhlig

An Duais airson Innleachdas ann am Foghlam Gàidhlig

Duais airson thidsearan, luchd-obrach taice, sgoilearan/oileanaich, Ùghdarrasan Ionadail no buidheann foghlaim a tha a' toirt bheachdan-smaoin innleachdach gu buil agus iad a' lìbhrigeadh sàr fhoghlam Gàidhlig.

  • Christine Macraild
  • Eòghan Stiùbhart
  • Learn Gaelic

Tosgaire Òg na Bliadhna

Le taic bho Àrainneachd Eachdraidheil Alba

Airson a' Ghàidheil òig (fo 25) as motha a rinn oidhirp chudromach ann a bhith a' cur na Gàidhlig air adhart ann an 2017/18.

Thèid innse cò bhuannaich an duais seo air an oidhche.


Duais Eaconamach na Gàidhlig

Le taic bho Thorntons Investments

Gus aithne a thoirt do mar a shoirbhich do ghnothachas, iomairt shòisealta no buidheann coimhearsnachd ann a bhith a' dearbhadh mar as urrainn don Ghàidhlig cur ri eaconamaidh na h-Alba.

Thèid innse cò bhuannaich an duais seo air an oidhche.