Na Seòrsachan Dhuaisean

Thèid breithneachadh a dhèanamh airson gach duaise le pannal de bhritheamhan eòlach, neo-eisimeileach nuair a bhios an ceann-latha, meadhan-oidhche Dihaoine 30 Sultain 2016,seachad.

Duais Luchd-ionnsachaidh
Seo airson nan oidhirpean as fheàrr a rinn cuideigin/buidheann à coimhearsnachd Luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig. Tha luchd-ionnsachaidh air aon de na roinnean as cudromaiche ann an coimhearsnachd na Gàidhlig agus bheir an duais seo aithne phoblach do na h-oidhirpean as fheàrr a nì daoine fa leth no buidhnean gus a dhol an sàs sa chànan. Cuideachd, dh’fhaodadh buidhnean a bhios a’ brosnachadh luchd-ionnsachaidh, a’ dealbh dhòighean ionnsachaidh ùra no a’ cur air dòigh dibhearsain do luchd-ionnsachaidh an duais seo a ghleidheadh.

An Duais Ealain is Chultarach
Le taic bho Alba Chruthachail
An duais airson an obair as fheàrr a rinneadh a thaobh cultar na Gàidhlig ann an 2015/16. Faodaidh an duais seo a bhith gabhail a-steach litreachas, bàrdachd, ceòl, ealain lèirsinne, dràma, an riochdachadh as fheàrr, film no telebhisean.

An Duais airson Tachartas
Le taic bho Bòrd na Gàidhlig
Airson an tachartas Gàidhlig as fheàrr, fear fa leth, no fear a bhios ga chumail gu cunbhalach, a chaidh a chumail ann an 2015/16. Faodaidh tachartas a tha air a bhith stèidhichte ùine fhada an duais seo a ghleidheadh.

An Duais Choimhearsnachd, Dualchais is Turasachd
Le taic bho Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean
Airson na buidhne, baile no coimhearsnachd sgoile as motha a rinn oidhirp gus an dualchas aca a chomharrachadh ann an 2015/16. Faodaidh an duais seo a bhith gabhail a-steach taisbeanaidhean a nì mìneachadh, cuairtean tro bhailtean, a’ clàradh ainmean-àite ann am bailtean agus mar sin air adhart.

Sàr Dhuais na Gàidhlig
Duais don neach fa leth no a’ bhuidheann as motha a rinn feum don Ghàidhlig. Dh’fhaodadh seo a bhith na dhuais airson sàr obair a rinn cuideigin, ach bu chòir an raon seo a bhith farsaing gu leòr airson gabhail a-steach daoine no buidhnean a tha air sealltainn gu bheil gealltanas mòr anns na tha iad air a choileanadh. Mar sin, a bharrachd air a bhith toirt aithne phoblach do na daoine a tha air a bhith cur ri cor na Gàidhlig thar nam bliadhnaichean agus iad airidh air am moladh, tha an duais seo cuideachd a’ leigeil leinn gàirdeachas a dhèanamh ri daoine a tha air sgrìob ùr a bhristeadh às leth a’ chànain.

An Duais Eadar-nàiseanta
Airson an duine, tachartas no buidheann as fheàrr a chuireas Gàidhlig air adhart ann an co-theacs eadar-nàiseanta, far nach eil Beurla na phàirt dheth.

Duais: Innleachdas ann am Foghlam Gàidhlig
Duais airson luchd-foghlaim no oileanaich as fheàrr a chuireas an cèill beachd-smaointean innleachdail agus a nochdas dìoghras ann a bhith lìbhrigeadh foghlam Gàidhlig. Faodaidh an duais seo a bhith airson ìre sam bith, bho ro-sgoil gu foghlam àrd-ìre.

Tosgaire Òg na Bliadhna
Airson an Gàidheal òg as motha a rinn oidhirp chudromach ann a bhith cur air adhart na Gàidhlig ann an 2015/16 (fo 25).

Duais Eaconamach na Gàidhlig
Le taic bho Thorntons Investments
Gus aithne a thoirt don adhartas a rinn gnothachas no iomairt shòisealta ann a bhith nochdadh luach eaconamach na Gàidhlig.
1. Tro theachd-a-steach, le ceangal ris a’ Ghàidhlig agus a ghabhas a thomhas, a dh’èirich bho bhith cur na Gàidhlig gu feum mar stòras às an tig toraidhean eaconamach.
2. Dh’fhaodadh an duais seo a bhith buntainn ri gnìomhachasan cruthachail, biadh is deoch, a’ dèanamh feum den Ghàidhlig mar stòras às an tig buannachdan eaconamach an lùib turasachd, cùrsaichean Gàidhlig coimeirsealta no dòigh innleachdach sam bith eile far a bheilear a’ cleachdadh Gàidhlig agus i a’ cur ris an eaconamaidh ann an dòigh a ghabhas tomhas

Daily Record logo

Sponsors Bord Na Gaidhlig Creative Scotland Website Highlands and Islands Enterprise Thorntons Investments Media Scotland Events