Ceistean Bitheanta

Am faod mi cuideigin a mholadh airson barrachd air aon duais?

Faodaidh sibh neach a mholadh airson na th' ann de dhiofar dhuaisean a tha sibh a' smaoineachadh a tha freagarrach, fhad 's a tha iad a' coileanadh nan slatan-tomhais airson gach duais fa leth. Tha luchd-eagrachaidh an tachartais a' gleidheadh na còrach gus molaidhean a chur mu choinneamh duais eile ma tha iad den bheachd gum biodh e na b' fhreagarraiche sin a dhèanamh.


Dè thachras ma gheibh neach barrachd air aon mholadh?

Bidh co-dhùnadh nam britheamhan stèidhichte air brìgh a' mholaidh agus air na tha an neach no sgioba air a choileanadh. Chan eil barrachd air aon mholadh airson aon neach a' dèanamh diofar agus cha toir e buaidh air breithneachadh nam britheamhan.


An cuir sibh fios thugam a' sireadh tuilleadh fiosrachaidh?

Dh'fhaodadh gum bi againn ri fios a chur thugaibh agus chun an neach a tha sibh a' moladh ma tha barrachd fiosrachaidh a dhìth gus am moladh a thoirt air adhart. Feuch gun toir sibh seòlaidhean puist-d agus àireamhan fòn-làimhe ceart dhuinn gus an urrainn dhuinn fios a chur thugaibh agus feuch gun cuir sibh freagairt thugainn cho luath 's as urrainn dhuibh.


Cuin a gheibh mi fios gun do shoirbhich leis a' mholadh agam?

'S e 25 Sultain an ceann-latha airson nam molaidhean. Cuiridh sinn fios chun a h-uile neach a chaidh a mholadh a tha air faighinn troimhe chun na h-ath ìre às dèidh breithneachadh nam britheamhan. Aig an ìre sin, iarraidh sinn aonta bho na daoine sin, ma gheibh iad àite air na Geàrr-liostaichean, gu bheil iad deònach cead a thoirt dhuinn an ainm fhoillseachadh sa phàipear-naidheachd.