A’ buileachadh dhuaisean mu choinneamh gach raon de chànan is cultar nan Gàidheal bho air feadh na dùthcha.

Mar phàirt de dh’oidhirpean an Daily Record gus gach taobh de chultar na h-Alba a chomharrachadh, agus às dèidh mar a shoirbhich do na Duaisean Gàidhlig ann an 2015, tha e na adhbhar moit dhuinn a bhith cur na h-iomairt air bhog airson duaisean 2016 còmhla ri ar prìomh luchd-urrais, Bòrd na Gàidhlig.

Tha Duaisean Gàidhlig na h-Alba a’ toirt aithne do shàr oidhirpean is soirbheachadh ann an saoghal is cultar nan Gàidheal, agus iad a’ dèanamh follaiseach an deagh obair a thathar a’ dèanamh gus cor is dualchas a’ chànain a chumail suas. Bidh cuirm ann airson nan duaisean far an tèid ceòl a thaisbeanadh, an dà chuid nuadh agus dualchasach, mar phàirt den oidhche.

Thèid na Duaisean a thoirt seachad aig dinnear mhòir san Taigh-òsta Grand Central, Glaschu air Diciadain 16 Samhain 2016.

Kirsty Loughlin, Manaidsear an Tachartais
F 0141 309 3885
P-d kirsty.loughlin@trinitymirror.com

Daily Record logo

Sponsors Bord Na Gaidhlig MG Alba Creative Scotland Highlands and Islands Enterprise Thorntons Investments Media Scotland Events