Fàilte bhon Luchd-urrais

Bòrd na Gàidhlig

“Tha e a' toirt toileachas mòr dhuinn a bhith toirt taic do Dhuaisean Gàidhlig na h-Alba a-rithist, agus iad air a bhith ann airson ceithir bliadhna a-nis!

Le bhith stèidheachadh nan Duaisean seo, rinneadh oidhirp dha-rìribh gus aithne phoblach a thoirt dhan obair chruaidh, an dìcheall agus an dealas a chì sinn bho na daoine a tha toirt air adhart agus a' gleidheadh na Gàidhlig, chan ann a-mhàin ann an Alba ach air feadh an t-saoghail. Chan eil na duaisean a' comharrachadh dìreach mar a tha daoine a' soirbheachadh; tha iad a' toirt feartan eile gu ar n-aire: comasan, mar a bhios daoine a' strì, an spàirn a nì iad, agus thar gach nì eile, sàr-choileanadh.

Chunnaic sinn ìrean f├Čor àrd an-uiridh a thaobh chomasan is soirbheachadh nan daoine a chaidh a mholadh airson duais, agus tha sinn a' coimhead air adhart ri bhith faicinn daoine a tha cheart cho airidh am-bliadhna.”

Shona NicIllInnein, Ceannard, Bòrd na Gàidhlig

Scottish Daily Record

Tha e na adhbhar moit a-rithist don Daily Record taic a thoirt do na Duaisean Gàidhlig.

Seo an treas bliadhna a tha na duaisean air a bhith ann agus tha cuirm nan duaisean a-nis stèidhichte mar thachartas Gàidhlig ris a bheil dùil aig daoine gach bliadhna.

Air an oidhche bithear a’ toirt aithne dìreach do chuid de na daoine tàlantach agus de na daoine is buidhnean dìcheallach a tha cur ri adhartachadh a’ chànain.

Tha gu leòr dhaoine eile ann a tha cuideachd a’ dèanamh diofar mòr a thaobh na Gàidhlig agus bu thoigh leinn cluinntinn mun deidhinn nuair a bhios molaidhean ann airson duaisean san àm ri teachd.

Mar a tha na duaisean seo a’ sealltainn, tha a’ Ghàidhlig ri a faicinn is ri a cluinntinn ann an iomadh raon de bheatha is cultar na h-Alba, ann an Alba fhèin agus thall thairis.

Tapadh leibh.

Murray Foote, Neach-deasaiche, Daily Record


Daily Record logo

Sponsors Bord Na Gaidhlig MG Alba Creative Scotland Highlands and Islands Enterprise Thorntons Investments Media Scotland Events