Thoir aithne do shàr-ghaisgeach na Gàidhlig

Tha Duaisean Gàidhlig na h-Alba a’ toirt aithne do na daoine agus buidhnean bho air feadh na dùthcha a tha a’ dèanamh obair ionmholta an lùib iomadh raon a bhuineas ris a’ Ghàidhlig agus a cultar.

Tha e na adhbhar moit don Daily Record, còmhla ri ar prìomh luchd-urrais, Bòrd na Gàidhlig, a bhith a’ cur air dòigh aon de na tachartasan Gàidhlig as iomraitiche a bhios ga chumail gach bliadhna. Tha na duaisean a’ toirt aithne do shàr oidhirpean is soirbheachadh ann an cultar, foghlam agus saoghal na Gàidhlig san fharsaingeachd, agus iad a’ dèanamh follaiseach an deagh obair a thathar a’ dèanamh gus cor is dualchas a’ chànain a chumail suas is a thoirt air adhart.

- Seo an deicheamh bliadhna de Dhuaisean Gàidhlig na h-Alba, thèid an cumail air Dimàirt 21 Gearran 2023 ann an Taigh-òsta Marriott Ghlaschu.

#DuaiseanGàidhlig

Faicibh an duilleag seo ann an Gàidhlig

Feumaidh molaidhean a bhith a-steach ro 23:59 air 8 Faoilleach 2023